Sèist:
 O, chì, chì mi na mòrbheanna;
 O, chì, chì mi na còrrbheanna;
 O, chì, chì mi na coireachan,
 Chì mi na sgoran fo cheò.
 Chì mi gun dàil an t-àite 'san d' rugadh mi;
 Cuirear orm fàilte 'sa chànan a thuigeas mi;
 Gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair ruigeam,
 Nach reicinn air thunnachan òir.
 Sèist
 Chì mi ann coilltean; chi mi ann doireachan;
 Chì mi ann màghan bàna is toraiche;
 Chì mi na fèidh air làr nan coireachan,
 Falaicht' an trusgan de cheò.
 Sèist
 Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean;
 Sluagh ann an còmhnaidh is còire chleachdainnean;
 'S aotrom mo cheum a' leum 'gam faicinn;
 Is fanaidh mi tacan le deòin.
 Sèist
 Fàilt' air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachnach;
 Fàilt air na còrr-bheannaibh mòra, mulanach;
 Fàilt' air na coilltean, is fàilt' air na h-uile -
 O! 's sona bhith fuireach 'nan còir.
 Sèist