Séist:
Fhir a' bhàta, na hóro eile
Fhir a' bhàta, na hóro eile
Fhir a' bhàta, na hóro eile
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu
'S tric mi sealltainn on chnoc as àirde
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta
An tig thu 'n-diugh na 'n tig thu màireach
'S mar tig thu idir gur truagh a ta mi
Tha mo chridhe-sa briste brùite
'S tric na deòir a ruith o m' shùilean
An tig thu nochd na 'm bi mo dhùil riut
Na 'n dùin mi 'n doras le osna thùrsaich?
'S tric mi faighneachd de luchd nam bàta
Am fac' iad thu na 'm bheil thu sàbhailt
Ach 's ann a tha gach aon dhiubh 'g ràitinn
Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut
Gheall mo leannan dhomh gùn dhen t-sìoda
Gheall e siud agus breacan rìomhach
Fàinn' òir anns am faicinn ìomhaigh
Ach 's eagal leam gun dèan e dìochuimhn'
Ged a thuirt iad gun robh thu aotrom
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort
Bidh tu m' aisling anns an oidhche
Is anns a' mhadainn bidh mi 'gad fhaighneachd
Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi àicheadh
Cha ghaol bliadhna 's cha ghaol ràithe
Ach gaol a thòisich nuair bha mi 'm phàiste
'S nach searg a chaoidh gus an claoidh am bàs mi
Tha mo chàirdean gu tric ag innseadh
Gum feum mi d' aogas a leig' air dìochuimhn'
Ach tha 'n comhairle dhomh cho dìomhain
'S bi tilleadh mara 's i toirt lìonaidh
Bidh mi tuille tùrsach deurach
Mar eala bhàn 's i an dèidh a reubadh
Guileag bàis aic' air lochan feurach
Is càch gu lèir an dèidh a trèigeadh